Oisean a' Ghrà mair 3
buadhair – adjective
deimhinne – definite
Puing 1: ‘quieter’, ‘warmer’, ‘older’, etc.
Sàmhach, nas sàmhaiche: Thèid sinn gu àite nas sàmhaiche.
Blàth, nas blàithe. Tha Afraga beagan nas blàithe na Alba.
Sean/Seann*, nas sine. Tha thusa tòrr nas sine na mise.
Òg, nas òige. Tha mo phiuthar beagan nas òige na mise.
Fuar, nas fhuaire. Tha an Antartaic beagan nas fhuaire na Alba.
Fada, nas fhaide. A bheil an Danube nas fhaide na Abhainn Chluaidh?
(* N.B. Tha iad sean. Ach comhla ri ainmear: seann daoine, seann eaglais, seann òrain, etc.)
Puing 2
Le abairt dheimhinne (‘definite’, i.e. le ‘the’): nas → as
an t-àite as sàmhaiche - ‘the quietest place’
an dùthaich as blàithe - ‘the warmest country’
an togalach as sine - ‘the oldest building’
an gille as òige - ‘the youngest boy’
an sgìre as fhuaire - ‘the coldest region’
an abhainn as fhaide - ‘the longest river’
Thoir an aire: chan eil Gàidhlig a’ dèanamh diofar sam bith eadar ‘the older’ agus ‘the oldest’, no ‘the younger’ agus ‘the youngest’, etc.
Seo am bràthair as sine. ‘Here’s the older brother / Here’s the oldest brother.’
Seo am bràthair as òige. ‘Here’s the younger brother / Here’s the youngest brother.’