Main content

Oisean a' Ghràmair 6

Puing 1: A’ dol a dh’àite (going to a place)

a = do/dha

Cuin a tha thu a’ dol a Ghlaschu? to Glasgow.
Tha mi a’ dol a Dhùn Èideann a-màireach. to Edinburgh
Tha mi a’ dol a Bharraigh. to Barra
Tha mi a’ dol a Chill Rìomhainn. to St Andrews
Tha mi a’ dol a Shasainn. to England
Tha mi a’ falbh a Chanada. to Canada

Bidh a a’ sèimheachadh ainmear ri thaobh (faic na seantansan shuas).

Le fuaimreag, bidh a a’ dol gu a dh’:

Tha mi dol a dh’Ulapul. to Ullapool
Thàinig iad a dh’Alba. to Scotland
Thèid mi a dh’Èirinn. to Ireland

Ma tha an t-ainm deimhinne ( = le ‘the’), cleachdar do/dha :

Tha mi a’ dol don/dhan Òban. to Oban (‘to the little bay’)
Tha mi a’ falbh don/dhan Ghearmailt. to Germany (‘to the Germany’)
Tha mi a’ dol do/dha na Stàitean. to the States
Thèid sinn do/dha na h-eileanan. to the isles

Puing 2: A’ dol a dhèanamh rud (going to do something)

Airson seo a ràdh, cluinnear an aon phàtran is a bha ann am Puing 1, ach le gnìomh (action) an àite ainm-àite:

Tha mi a’ dol a dhèanamh seo. ‘… going to do this’
A bheil thu a’ dol a ghlanadh do sheòmair? ‘… going to clean your room’
A bheil thu a’ dol a thogail nan truinnsearan?‘… going to pick up the plates’
Chan eil mi a’ dol a dh’èisteachd ris. ‘… going to listen to it’
A bheil thu a’ dol a dh’ithe sin? ‘… going to eat that’

Cleachdar seo cuideachd le gnìomhairean-gluasaid (verbs of motion) eile, mar eisimpleir:

Thèid mi a dh’iarraidh bainne.
Thàinig iad a dh’èisteachd riut.
Dh’fhalbh sinn a thogail mo phàrantan aig an stèisean.