Oisean a' Ghrà mair 1
ainmear – noun
gnìomhair – verb
fireanta – masculine
iolra – plural
sèimheachadh – lenition (‘softening’)
seilbheach – possessive
Puing 1
mo - my ar - our
do - your ur - your (plural) (no cuideachd: bhur)
a - his/her an - their
mo mhàthair - ar màthair
do mhàthair - ur màthair
a mhàthair / a màthair - am* màthair
(* an → am le b, f, m, p)
Puing 2
Dòigh eile air my: an (X) agam (‘the X at me’)
an taigh agam, an càr agad, an còta aige, an obair aice
Cuin a chleachdas sinn mo X, agus cuin a chleachdas sinn an X agam?
Tha an X agam glè chumanta, agus faodaidh sibh seo a ràdh mar as trice. Ach bu chòir dhut mo a chleachdadh airson:
(1) càirdeas glè phearsanta
m.e. mo mhàthair, mo phiuthar, mo mhac, mo sheanair
(2) do bhodhaig, do phearsantachd
m.e. mo chas, mo shùilean, m’ inntinn, mo spiorad