Main content

Oisean a’ Ghràmair 4

buadhair coimeasach – comparative adjective
ainmear deimhinne – definite noun

Puing 1: Coimeas (2)

math → (n)as fheàrr
A bheil beachd nas fheàrr aig duine?
Sin *am beachd as fheàrr a chuala sinn an-diugh.

dona → (n)as miosa
Bha an deuchainn nas miosa na bha mi ’n dùil!
*An rud as miosa mu dheidhinn.

mor → (n)as motha
Tha duilgheadas nas motha againn a-nise.
Dè *am baile as motha san t-saoghal?

beag → (n)as lugha
B’ fheàrr leam fòn-làimhe nas lugha.
Seo *am fòn-làimhe as lugha a tha againn.

furasta → (n)as fhasa
’S aithne dhomh slighe nas fhasa.
Dè *an dòigh as fhasa?

goirid → (n)as giorra
’S aithne dhomh rathad nas giorra.
Gabhaidh sinn *an rathad as giorra.

teth → (n)as teotha
Chan fhaigh thu coiridh nas teotha na am bhindalù seo.
Seo *an latha as teotha den bhliadhna.

* Mar a chunnacas mar-thà ann am Prògram 3, le ainmear deimhinne (‘definite noun’) cleachdar as an àite nas.

Thoir an aire dhan abairt:

Mar as motha, ’s ann as fheàrr. ‘The bigger the better’ / ‘The more the merrier’.

Puing 2

‘Tha X air aon de …’

Tha ‘The Godfather’ air aon de na filmichean as fheàrr a chunnaic mi riamh.
Tha an eaglais seo air aon de na togalaichean as sine san dùthaich.
Tha an Geata Òir air aon de na drochaidean as fhaide san t-saoghal.

Tha dòigh eile air seo a ràdh, le ’S e:

’S e ‘The Godfather’ aon de na filmichean as fheàrr a chunnaic mi riamh.
’S e an eaglais seo aon de na togalaichean as sine san dùthaich.
’S e an Geata Òir aon de na drochaidean as fhaide san t-saoghal.

Ach ma chleachdar Tha, feumar air.