Oisean a' Ghrà mair: Sreath 2: 6
AIR A DHÈANAMH (‘DONE, MADE’)
Bidh mi air mo thoirt dhan ospadal a-màireach.
‘I’ll be taken to hospital tomorrow’.
Bidh thu air do thoirt chun na bainnse ann an limo pinc.
‘You’ll be taken to the wedding in a pink limo.’ (‘the wedding’: a’ bhanais. ‘to the wedding’: chun na bainnse.)
Bha am film seo (e) air a dhèanamh ann an Èirinn.
‘This film was made in Ireland.’
Tha a’ chèic aotrom seo (i) air a dèanamh le uighean, siùcar, ìm, teoclaid, trèicil agus uachdar.
‘This light cake is made with eggs, sugar, butter, chocolate, treacle and cream.’
Tha mi air mo [ ]
Tha thu air do [ ]
Tha e air a (+ sèimheachadh) [ ]
Tha i air a (gun sèimheachadh) [ ]
Tha sinn air ar [ ]
Tha sibh air ur [ ]
Tha iad air an [ ]
Latha sàrachail! (‘A stressful day’):
Bha mi air mo shàrachadh leis an fhuaim. ‘I was stressed out by the noise.’
Bha thusa air do shàrachadh leis an obair.
Bha Calum (e) air a shàrachadh leis a’ chloinn. (a’ chlann, leis a’ chloinn).
Bha Màiri (i) air a sàrachadh le Calum.
Bha sinne air ar sàrachadh leis a’ cheòl.
Bha sibhse air ur sàrachadh leis an teas.
Cha robh a’ chlann (iad) air an sàrachadh le rud sam bith!
Puing a bharrachd:
Le cuid a ghnìomhairean, an àite air mo/do/a… [+ gnìomhair], cleachdar facal (buadhair, ‘adjective’) sìmplidh le –te no –ta. Mar eisimpleir:
Bha iad sàraichte. ( = Bha iad air an sàrachadh.)
‘Dùinte airson na Càisg.’ (= air a dhùnadh) ‘Closed for Easter.’
‘Dèanta an Alba’ ( = ‘air a dhèanamh’) ‘Made in Scotland’.