Oisean a’ Ghrà mair 5
Puing 1:
Aig deireadh an latha, chan eil e gu diofar. ‘the end of the day’
Chaill sinn toiseach a’ phrògraim. ‘the start of the program’
A bheil thu a’ faicinn grunnd na mara? ‘the bottom of the sea’
Coinnichidh mi riut aig meadhan na ceàrnaig. ‘the middle of the square’
Bha fuaim na trafaig uabhasach. ‘the noise of the traffic’
Ionnsaichidh tu mu eachdraidh an eilein. ‘the history of the island’
Cuimhnich gun dùin thu doras a’ gharaids. ‘the door of the garage’
Èistibh uile ri Radio nan Gàidheal! ‘the radio of the Gaels’
Thoir an aire:
(i) chan eil facal airson ‘the’ a’ nochdadh aig toiseach na h-abairt
(ii) chan eil facal airson ‘of’ a’ nochdadh eadar an dà ainmear.
Puing 2:
Airson bruidhinn air uimhir no suim (amount), no pàirt de rud, cleachdar am facal de no dhe airson ‘of’:
cuid de/dhe na daoine
mòran den/dhen airgead
beagan den/dhen phrògram
còig de/dhe na dealbhan
Thoir an aire gu bheil de/dhe a’ sèimheachadh ainmear ri thaobh:
cuid de/dhe dhaoine
de + mi, thu, etc.:
dhìom ‘of me’ dhinn ‘of us’
dhìot ‘of you’ dhibh ‘of you’ (plural)
dheth ‘of him / it’ dhiubh ‘of them’
dhith ‘of her / it’
mòran dheth, beagan dhith, cuid dhinn, còig dhiubh.
Anns an iolra (plural: ‘of us/ of you / of them’), cluinnear cuideachd aig airson de:
cuid againn: ‘some of us’
tòrr agaibh: ‘plenty of you’
feadhainn aca: ‘some of them’