Main content

Oisean a' Ghràmair: Sreath 2: 8

AN ANN? - ’S ANN - CHAN ANN

Cò às a tha sibh uile?
An ann à Glaschu? An ann à Dùn Èideann?
An ann à Dun Dèagh no Peairt?
An ann às a’ Ghàidhealtachd a tha sibh? An ann às na h-Eileanan Siar?

Càite bheil sibh an-dràsta?
An ann aig an taigh? An ann san oifis?
An ann san leabaidh, no a’ siubhal anns a’ chàr?
No an ann ann an cafaidh a tha sibh?

An ann ag èisteachd gu dlùth a tha sibh?
An ann a’ tuiteam nur cadal a tha sibh? (Tha mi ’n dòchas nach ann!)

An ann às a’ Ghaidhealtachd a tha sibh?
’S ann, ’s ann à Earra Ghàidheal a tha mi.
Chan ann idir, ’s ann à Obair Dheadhain a tha mise.

An ann aig an taigh a tha sibh an-dràsta?
’S ann, ’s ann aig an taigh a tha mi, agus tha mi fhathast san leabaidh.
Chan ann, chan ann aig an taigh, ach ann an cafaidh.

An ann a’ tuiteam nur cadal a tha sibh?
Chan ann, gu dearbh! Tha mi na mo làn dhùisg agus ag èisteachd gu dlùth!
(‘I’m wide awake and listening very carefully!’)

’S ANN, no CHAN ANN, agus a’ cheist AN ANN:
- a’ cur cuideam air pàirt de sheantans, (emphasising part of a sentence)
- a’ dearbhadh no ag àicheadh pàirt de sheantans. (confirming or negating, yes/no)

Eisimpleirean eile:

An ann às do chiall a tha thu? Are you out of your mind?

An ann faisg air a’ chaisteal a tha an taigh-bìdh? ‘Is the restaurant near the castle?’

An ann gorm is geal a tha bratach na Suaine, no dearg is geal?
Chan eil i gorm is geal, no dearg is geal – ’ sann gorm is buidhe a tha bratach na Suaine.

A bheil thu às do chiall? ‘Are you out of your mind?’
An ann às do chiall a tha thu? ‘Is it out of your mind that you are?’
An ann a’ cur cuideam air an abairt às do chiall.

A bheil an taigh-bìdh faisg air a’ chaisteal? ‘Is the restaurant near the castle?’
An ann faisg air a’ chaisteal a tha an taigh-bìdh? ‘Is near the castle the restaurant is?’
An ann a’ cur cuideam air an abairt faisg air a’ chaisteal.

A bheil bratach na Suaine gorm is geal? ‘Is the Swedish flag blue and white?’
An ann gorm is geal a tha bratach na Suaine? ‘Is it blue and white the Swedish flag is?’
An ann a’ cur cuideam air an abairt gorm is geal.

Eisimpleirean eile:

An sgrìobh mi thugaibhse? ‘Will I / Do I write to you?’
An ann thugaibhse a sgrìobhas mi? = ‘Is it to you I write, Is it you I write to?’
An ann a’ cur cuideam air an fhacal thugaibhse.’to you’

Rugadh mi an Ìle. ‘I was born in Islay.’
’S ann an Ìle a rugadh mi. ‘It’s in Islay I was born.’
’S ann a’ cur cuideam air an abairt an Ìle, ‘in Islay’

Bhruidhinn mi rithese an toiseach. ‘I spoke to her first.’,
S ann rithese a bhruidhinn mi an toiseach. ‘It’s to her I spoke first.’
’S ann a’ cur cuideam air an fhacal rithese ‘to her’

An ann an-dè a bha sin? ‘Was that yesterday?’
Cha b’ ann, ach a’ bhon-dè. ‘No, two days ago.’

An ann leatsa a tha an cù? ‘Is the dog yours?’ (Faic Criomag Gràmair 5)

PUING A BHARRACHD: AN E? - ’S E - CHAN E

Le ainmear (no le mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad): An e? ’S e Chan e.

Mar sin:
An ann ann an cafaidh a tha thu an-dràsta? ‘Is it in a café you are?’
Ach:
An e cofaidh tha thu ag iarraidh? ‘Is it coffee you want?’
S e, cofaidh geal, mas e do thoil e.

An ann air a’ chàr sin a chunnaic thu bratach na Suaine?
‘Is it on that car you saw the Swedish flag?’
Ach:
An e bratach na Suaine a tha mi a’ faicinn air a’ chàr sin?
Is it the Swedish flag I can see on that car?’
Chan e, ach bratach na Danmhairg.

An ann ri Màiri a bha sibh a’ bruidhinn?
‘Is it to Mairi you were speaking?’
Ach:
An e Màiri a bhruidhinn ribh?
‘Was it Mairi who spoke to you?’

An ann dhutsa a thug iad am parsail?
‘Is it to you they gave the parcel?’
Ach:
An e thusa a thubhairt sin?
‘Was it you who said that?’