Main content

Oisean a' Ghràmair: Sreath 4: 1

GA MO THOIRT / DO THOIRT / GA THOIRT etc

gam thoirt - ‘taking/bringing me’
gad thoirt - ‘taking/bringing you’
ga thoirt - ‘taking/bringing him/it’
ga toirt - ‘taking her/it’

gar toirt - ‘taking us’
gur toirt - ‘taking you (pl.)
gan toirt - ‘taking them’

Tha an dealbh seo gam thoirt ais ais gu làithean m’ òige.
‘This photo takes me back to my young days [days of my youth]’.

Bidh mi ga thoirt dhachaigh anns a’ chàr.
‘I’ll be taking him home by car.’

Bidh mi ga toirt dhachaigh anns a’ chàr.
‘I’ll be taking her home by car.’

Bhiodh am bus gar toirt dhachaigh aig deireadh na h-oidhche.
‘The bus would take us home at the end of the night.’

Bidh mi gur toirt air ais gu rudan a chuala sibh nas tràithe air a’ phrògram.
‘I’ll be taking you back to things you heard earlier o in the programme.’

Chan eil feum annta ’s bidh mi gan toirt air ais dhan bhùth a-màireach.
‘They’re no use and I’ll be taking them back to the shop tomorrow.’

Iain MacIlleMhìcheil agus Beathag Mhoireasdan:
“Dè tha gad thoirt air ais ann?”
What takes you back there?

FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 1, Prògram 9

’S ANN . . . A (cuideam [emphasis] air cuin, càit, ciamar, carson…)

Iain MacIlleMhìcheil agus Beathag Mhoireasdan:
“Mar as trice, ’s ann anns an Fhaoilleach a bhios mi a’ dol ann.”
‘Usually, it’s in January that I go (there).’

Bidh mi a’ dol ann [Cuin?...] anns an Fhaoilleach.
→ ’S ann anns an Fhaoilleach a bhios mi a’ dol ann.
‘It’s in January I usually go.’

EISIMPLEIREAN EILE:

Tha sinn a’ falbh [Cuin?...] an-diugh fhèin.
→ ’S ann an-diugh fhèin a tha sinn a’ falbh. Greas ort!
‘It’s today we’re going away. Hurry up!’

Bidh mi a’ dol [Càit?...] a Dhubài an toiseach, agus an uair sin a dh’Astràlia.
’S ann a Dhubài a bhios mi a’ dol an toiseach, agus an uair sin a dh’Astràlia.

Bidh mi a’ falbh [À càit?...] à port-adhair Ghlaschu.
‘I’ll be leaving from Glasgow airport.’
→ ’S ann à port-adhair Ghlaschu a bhios mi a’ falbh.

Cò às a tha sibh? Tha mise à Glaschu, tha Iain à Ìle agus tha Màiri-Cèit à Uibhist.
’S ann à Glaschu tha mise, à Ìle a tha Iain, agus à Uibhist a tha Màiri-Cèit.

Bidh mi a’ siubhal [Ciamar?...] air bàta.
’S ann air bàta a bhios mi a’ siubhal ann.
’It’s by boat (that) I’ll be going.’

Bidh mi a’ siubhal [Ciamar?...] leam fhìn.
’S ann leam fhìn a bhios mi a’ siubhal.
‘It’s by myself (that) I’ll be travelling.’

Tha iad a’ siubhal [Ciamar?...] leis a’ chàr.
’S ann leis a’ chàr a tha iad a’ siubhal.
It’s by car that they’re travelling.’

Tha iad a’ falbh [Cuin?...] an-ath-sheachdain.
’S ann an-ath-sheachdain a tha iad a’ falbh.
It’s next week they’re leaving.’

Tha mise a’ falbh [Cuin?...] an-dràsta fhèin.
‘I’m leaving right now,’
→ ’S ann an-dràsta fhèin a tha mise a’ falbh.
It’s right now that I’m leaving.’

Cha deach sinn ann [Carson?...] air sgàth na droch thìde.
’S ann air sgàth na droch thìde nach deach sinn ann.
‘It’s because of the bad weather (that) we didn’t go.’
(Note: nach deach = negative of a chaidh)

Diofar eadar ’S ANN (‘It’s…) agus ’S E (‘It’s…) ?

Cuideam (emphasis) air cuin, càit, ciamar, carson: ’S ann
Cuideam (emphasis) air no : ’S e

’S E :

bha air a’ phrògram? Bha Beathag air a’ phrògram.
’S e Beathag a bha air a’ phrògram.
‘It’s Beathag that was on the program.’

bha a’ bruidhinn rithe? Bha Iain a’ bruidhinn rithe.
S e Iain a bha a’ bruidhinn rithe.
‘It’s Iain that was speaking to her.’

bha a’ còrdadh rithe? Bha na malls a’ còrdadh rithe.
’S e na ‘malls’ a bha a’ còrdadh rithe.
‘It’s the malls she enjoyed.’

tha dhìth orm? Tha saor-làithean a dhìth orm.
’S e saor-làithean a tha dhìth orm.
‘It’s holidays I need.’

Coimeas eadar ’S E (‘It’s…) agus ’S ANN (‘It’s…):

It’s Màiri: ’S e Màiri
’S e Màiri a bhios còmhla rium.
It’s with Màiri: ’S ann le Màiri
’S ann le Màiri a bhios mi a’ dol ann.

It’s holidays: ’S e làithean saora
’S e làithean saora a tha dhìth orm.
‘It’s holidays (that) I need.’

It’s during the holidays: ’S ann anns na làithean saora
’S ann anns na làithean saora a thèid sinn ann.
‘It’s during the holidays (that) we’ll go.’

It’s the bad weather: S e an droch thìde
’S e an droch thìde a chuir stad oirnn.
‘It’s the bad weather that stopped us.’

It’s because of the bad weather: ’S ann air sgàth na droch thìde
’S ann air sgàth na droch thìde nach deach sinn ann.
‘It’s because of the bad weather (that) we didn’t go.’

Thoiribh an aire cuideachd: AN ANN? CHAN ANN?
An ann le Seòras a bhios tu a’ dol ann?
Chan ann. ’S ann le Màiri a bhios mi a’ dol ann. (No: Chan ann, ach le Màiri.)

FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 2, Prògram 8