Main content

Sailead Pasta Pesto le Glasraich

Grìtheidean:

Aubergine, slisnichte tarsainn

2 mhearag bheag (Courgettes)

2 phiobar (fear dearg, fear buidhe) air an slisneadh

250g ricotta

1 spàin-bheag oregano ùr air a ghearradh

250g Penne Pasta

25g Basail ùr

100g Rocaid

4 spàintean bùird cnothan-giuthais

1 creamh

3 spàintean bùird parmesan

Fras de dh’ola-chroinn-ola (spray olive oil)

Dòigh

Blàthaich an àmhainn gu 200/180/Gas 6.

Cuir pàipear fuine air dà threidhe fuine. Sgaoil an aubergine agus na piobaran air aon treidhe agus air leth dhen dàrna treidhe. Pronn an Ricotta agus sgaoil air an dàrna treidhe. Crath an oregano air uachdar. Cleachd piobar dubh agus frasan ola agus ròst airson 25-30 mionaidean.

Fhad ’s a tha seo anns an àmhainn, bruich am pasta a-rèir stiùireadh a’ phacaid agus nuair a tha e bruich dòirt dheth an t-uisge.

Cuir am basail, cairteal dhen rocaid, 1 spàin-bhùird de chnothan-giuthais, ola, creamh, spàin-bhùird parmesan agus dà spàintean bùird uisge ann am pròiseasar-bìdh agus cùm air e gus a bheil e pronn.

Nuair a tha na glasraich bruich, measgaich còmhla ris a’ phesto agus am pasta ann am bobhla mòr agus cuir ann na tha air fhàgail dhen rocaid. Bris an Ricotta bruich air a mhuin agus sgaoil na tha air fhàgail de na cnothan-giuthais.

Tha gu leòr an seo airson ceathrar. Roinn a-mach eadar ceithir bobhlaichean, agus crath beagan den chàise parmesan a tha air fhàgail air uachdar.