Main content

Sailead Tomàtothan

Grìtheidean:

Taghadh tomàtothan abaich de dhiofar dathan agus meud

Salann

Piobar

Bhinigear Balsamic

Ola-chroinn-ola

1 Chreamh

1 phiobar-tiolaidh ùr, gun sìol agus air a ghearradh gu mìn

Dòigh:

A-rèir meud na tomàtothan, geàrr cuid dhiubh nan dàrna leth no nan ceathradan. Cuir salainn orra agus fàg iad ann an sìoltachan gus an sruth an sùgh asta. Crath na tomàtothan turas no dha. Cha tig an salainn a-staigh dhan tomàto idir ach bheir e às tòrr dhan uisge. Leig leotha seasamh airson còig-deug mionaidean.

Cuir na tomàtothan a-nis ann am bobhla mòr.

Dèan suas an còmhdach leis na tha air fhàgail de ghrìtheidean agus dòirt air na tomàtothan.

Tha seo math leis fhèin no le mozzarella no aran ciabatta.