Sailead le Buntà ta Milis
Grìtheidean:
1.2 kg buntàta milis air an rùsgadh agus air an gearradh
1 spàin-bhùird ola-chroinn-ola
Còmhdachadh
½ uinnean dearg, air a ghearradh gu mìn
3 uinneanan-earraich, air an gearradh gu mìn
5 spàintean bùird Bhinigear fìon dhearg
2 spàintean bùird ola-chroinn-ola
2 spàintean bùird mil
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu 200 / 180 / Gas 6.
Cuir an ola an lùib a’ bhuntàta le beagan salainn is piobar, agus sgaoil sin an uairsin air treidhe-fuine air a bheil pàipear-fuine.
Ròst seo son 30-35 mionaidean gus a bheil e bog agus le dath òr air. Leig leis fuarachadh greis.
Mas fuaraich e buileach, measgaich na grìtheidean airson an sailead a chòmhdach còmhla agus, ann am bobhla mòr, dòirt air a’ bhuntàta.
Cleachd do làmhan airson dèanamh cinnteach gu bheil am buntàta air a dheagh chòmhdach ach gun bhriseadh suas cus.