Dauphinoise Seilearag
1x Seileareag mòr (mu 1kg)
2 chlòbha creamh air am pronnadh
200ml uachdar dùbailte
200ml bainne
1/2 cnò-mheannt, sgrìobte gu mìn (ùr)
150 -200g càise Gruyere, sgrìobte gu mìn
Salann is piobar
Dòigh:
• Teasaich an àbhainn gu 170c neo Gas 3
• Dèan sliosan caol den seilearag agus cuir dhan phana e leis an uachdar, an creamh, am bainne, an cnò-mheannt agus beagan salann is piobar. Cuir ceann air a’ phana agus teòdhaich e gu socair airson 5 gu 10 mionaidean.
• Suath soitheach a sheasas ri teas na h-àmhainn le ìm. Le spàin tolltach, tog an seilearag às a’ phana gus cuir leth dheth dhan t-soitheach. Air uachdar sin cuir leth den chàise agus an uairsinn an còrr den seilearag. Dòirt an sùgh às a’ phana air uachdar agus mu dheireadh an còrr den chàise.
• Cuir dhan àmhainn e airson 30 gu 45 mionaid gus am bheil e bruich agus còmhdach beagan beagan brisg donn air a thighinn air.
Ithe le cearc ròsta, feòil-mairt no am measg buntata.