Bracaist Quinoa
Grìtheidean:
Leth-chupa Quinoa
Cupa bainne almon
1-2 bioran caineal
Gràinnean salainn
Rud beag ponnair faoineig, ach na cleachd brìgh-faoineig idir (cha leig seo a leas a bhith ann)
Airson a dhol air uachdar, na thogras tu dhe na leanas:-
Sliosan almon air an ròstadh
Sliosan chnò-choco air an ròstadh
Peitseagan
Sùbhagan
Siorap malpas
Tuilleadh bainne almon
No tuilleadh spìosraich, leithid caineal, agus cnò-mheannt
Doigh:
Glan an quinoa fon uisge, tro shìoltachan.
Ann am pana, goil an Quinoa agus am bainne-almon agus às dèidh dha goil luath, goil air a shocair e airson timcheall air cairteal na h-uarach, leis a’ chaineal, an salann agus an fhaoineag ma tha thu ga chleachdadh.
Chan eil còir gu feum thu a mheasgachadh tric idir.
‘S urrainn tuilleadh bainne almon a chur ann airson brochan a dhèanamh dheth, no ‘s urrain ithe nas tiorma.
Cleachd na thogras tu dhe na tha gu h-àrd airson a chuir air uachdar.