Linguine le Crùbag
Grìtheidean:
1 phacaid linguine
1 phacaid feòil chrùbag
2/3 sliosag beucon, mìn-sgudaichte
1 uinnean meadhan mòr air a ghearradh
1-2 clobha creamh air a phronnadh
3 spàinean mòra ola a' chroinn-ola
1 chrogan tomàtothan, mìn-sgudaichte
pinnt uachdar
1/4 spàin tì cleiteagan tiolaidh (chilli flakes)
1 phacaid rocket
1 chupa peasairean reòite
4 spàinean mòra parmesan sgrìobte gu mìn
Salann
Piobar dubh
Dòigh:
Bruich an linguine ann an uisge saillte airson greis bheag nas lugha na tha sgrìobhte air a’ phacaid.
Cur am beucon ann an ola air pana fraighigidh gus a bheil e brisg. Cur ris an t-uinnean, an creamh agus na cleiteagan tiolaidh agus còcairich airson mionaid no dha eile.
Cur ann na tomàtothan, na peasairean agus an t-uachdar agus cur mu chuairt. Teasaich airson mu chòig mionaidean.
A’ cleachdadh clobha, tog am pasta air uachdar an sabhs anns a’ phana. Sgaoil am parmesan air fheadh agus cur mun cuairt e. Cuir ris spàin no dha uisge ma bhios feum air. Cuir ris an uairsin a’ chrùbag agus an rocket.
Ith le tuilleadh parmesan air uachdar ma thogras tu.