Main content

Reòiteag Irish Cream

Reòiteag Irish Cream - PROSE

Grìtheidean:

300ml/10floz uachdar dùbailte
175g/6oz bainne milis (condensed)
2 spàin mhòr Irish cream liqueur
Craiteachan caineal (cinnamon)

Dòigh:

Buail an t-uachdar gus a bheil e tiugh agus cuir ris am bainne milis, an liqueur agus an caineal.

Cuir ann am bobhla le mullach air, agus reoth airson 4 gu 6 uairean a thìde no gus a bheil e cruaidh.

Airson ithe, faodaidh sibh tuilleadh liqueur a dhòrtadh air uachdar.