Main content

Ceapaire paisgte le cearc

4 broillich circe
4-6 làn spàin bùird mayonnaise
1 làn spàin bùird pùdar coiridh
2 làn spàin bùird turmeric
1 làn spàin bùird garam masala
2 uinnean earraich
Làn cròige cnothan cashew air an rostadh

Bruich na broillich circe le salann agus piobar agus beagan ola chroinn-ola airson 40 mionaid anns an àmhainn gus a bheil iad deiseil.

Measgaich am mayonnaise leis a’ phùdar coiridh, an turmeric, agus an garam masala agus fàg e airson greis gus an tig na blasan eadar-dhealaichte còmhla.

Leig leis a’ chearc fuarachadh, geàrr e le bhith ga shlaodadh às a chèile agus cuir am mayonnaise na luib. Airson tuilleadh blas a thoirt air, cuir dà uinnean-earraich agus làn cròige de chnòthan cashew ann. Tha e deiseil airson a chur am broinn tortilla no ma tha thu ag iarraidh a bhith falainn, leatas.

Baguette làn feòil-mairt agus sailead

600g màs feòil mhairt (silverside)
Lofa taois-gheur no aran coltach
2-4 làn spàin bùird mayonnaise le spìosrach mar harissa, siracha , meacan-eich (horseradish) no wasabi na lùib gu teas a chòrdas ribh fhèin.
Sailead sam bith: tomàtothan, piobairean (à sileagan ma tha e nas fhasa), uinnean dearg air a ghearradh mìn.
Cularan agus curain, air an gearradh nanm slisean tana.
Luibhean sam bith, pearsal, basail agus a leithid.

Teasaich an àmhainn gu 240C/200C fan / Gas 9. Cuir salann agus piobair air an fheòil agus cuir dhan àmhainn e airson 15 mionaidean, agus bheir teas na h-àmhain sìos às dèidh sin gu 190C / 170C fan / Gas 5 airson 25 mionaidean eile, no nas fhaide ma thogras tu. Leig leis fuarachadh agus cuir dhan frids e airson dà uair a thìde.

Geàrr a’ lofa na mheadhoin agus bheir an t-aran na bhroinn às.

Cuir am mayonnaise le na spìosan air taobh a-staigh na lofa air gach taobh, air a’ bhonn agus air a’ mhullach. Cùm beagan dheth airson a thoirt seachad air cliathaich an truinnseir.

Dèan slisean tana dhan fheòil agus cuir sin air bonn a’ lofa.

An uairsin lìon a’ lofa le na saileadan eadar-dhealiachte gus am bheil e gu math làn. Bidh e doirbh a dhùnadh agus am mullach a chuir air. Put sìos air a’ mhullach agus cuir cuideam air, cùm seo anns a’ frids airson uair a thìde eile cò dhìu.

Gèarr e na phìosan. Faodar an còrr dhan mhayonnaise a thoirt seachad còmhla ris.

Mìlsean le Ricotta no Mascarpone

Measgaich ricotta no mascarpone le Cointreau no Framoise. Cuir beagan siùcar donn na mheasg agus an uairsin sùbh-làirean no sùbhagan. Dòirt beagan mil air agus crathadh de phistachios air uachdar.

Deochan Samhraidh

Tì no cofaidh le deigh. Dèan tì no cofaidh anns an dòigh àbhaisteach - tì dhùbh, no faodar an cofaidh a dhèanamh dubh no le bainne. Cuir spàin no dha sìucar ann agus leig leis fuarachadh. Lìon siugaichean le deigh agus dòrt an deoch air an deigh.

Cuir spàin-tì meas-passion am bonn glainne is lìon suas le le fian balganta no Prosecco. No cuir Limoncello am bonn na glainne le fian balganta na cheann. No ma tha sibh a’ seachnadh deoch làidir, cuir am bonn glainne e le uisge balganta na cheann.