Cèic Rùbarab
Grìtheidean:
225g siùcar òr mìn
225g rùbarab (air a ghearradh na phìosan meud òirleach)
2 oraindsear climidh (clementine) (cleachd an sùgh agus an rùsg - agus cùm beagan rùsg airson a chòmhdach)
175g ìm saillte (bog le beagan a bharrachd airson a liacradh)
150g min-fhlùir èirigh
2 ugh
75g almoin air am pronnadh
2 spàin bheag sùgh faoineag
125g iogart
Iogart no reòiteag airson ithe leis, mas e do thoil e.
Dòigh:
Blàthaich an àmhainn gu ìre 180.
Liacraich tiona-àmhainn leis an ìm agus còmhdaich le pàipear fuine (feumaidh bonn a bhith air an tiona a thig às)
Blàthaich 75g dhen t-siùcar agus 2 spàin-bùird uisge ann am pana os cionn teas meadhanach. Nuair a tha an siùcar air leaghadh, cuir ann an rùbarab agus leth de rùsg an orainds. Cuir mullach air a’ phana agus fàg e a’ bruich airson 5-10 mionaidean, gus a bheil an rùbarab bog ach fhathast slàn.
Le spàin thollach bheir an rùbarab às agus cuir air truinnsear.
Cuir sùgh an orainds dhan a’ phana agus fàg gu aon taobh gus am bheil thu deiseal airson a thoirt seachad.
Ann am bobhla measgaich an t-ìm, a’ mhin-fhlùr, na h-uighean, na h-almoin, am faoineag, an iogart agus an siùcar a tha air fhàgail. Buail airson dà mhionaid le inneal dealain.
Cuir seo dhan tiona agus dèan cinnteach gu bheil am mullach cothrom. Sgaoil na pìosan rùbarab air mullach a’ chèic, air am putadh sìos rud beag dhan taois.
Cuir seo dhan àmhainn airson 50 mionaid no gus a bheil e air èirigh agus coltas donn air.
Bheir an cèic às an àmhainn, agus fàg e anns an tiona airson deich mionaidean mus toir thu às e.
Cuir beagan dhan t-siorap orainds agus an rùsg air dìreach mus ith thu e.
Bheir seachad le reòiteag no iogart.