Main content

Orzo le glasraich ròsta

Gritheidean:

½ phunnd Orzo
1 phiobar dearg air a ghearradh
1 phiobar buidhe air a ghearradh
2 chupa butternut squash air a ghearradh
1 uinnean air a ghearradh gu mìn
2 phìos creamh air a bhrùthadh
Salann agus piobair
2 spàin mhòr ola a' chroinn-ola

Cuir na glasraich ann an tiona ròstaidh agus crath beagan salann, piobair agus beagan ola a' chroinn-ola thairis orra. Ròst ann an àmhainn theth (200C) airson 30-40 mionaid. Bi faiceallach nach loisg iad.

Bruich an orzo ann an uisge goileach saillte airson 7-9 mionaidean gus am fàs e bog. Thoir far an teas e, traogh an uisge bhuaithe agus cuir ann am bòbhla mòr e. Tilg na glasraich ròsta dhan bhobhla cuideachd agus measgaich.

Dèan annlann le sùgh aon liomaid mhòr, 2-3 spàinean mòra de dh’ola a' chroinn-ola, salann agus piobair agus measgaich sa bhobhla an cois a chòrr de na gritheidean.

Faodaidh tu pacaid de chàise feta agus uinneanan-earraich a ghearradh suas agus a mheasgachadh a-steach dhan bhobhla cuideachd ma tha thu ag iarraidh.

Leig leis a h-uile càil fuarachadh anns an rùm.

Sliosagan blueberry chruasbach

5 unnsa bleideagan almonoin
10 unnsa flùr lom
3½ unnsa siùcar castoir
Crathadh beag salainn
7 unnsa ìm
½ - 1 chrogan silidh blueberry
1 phacaid 150g blueberries
Siùcar còmhdachaidh airson sgeadachadh

Teasaich an àmhain gu 180C/ Gas4.

Cuir 3½ unnsa almoin, flùr, siùcar castoir agus salann am broinn gnìomh inneal bìdh agus measgaich gu math gus a bheil a h-uile càil gu math mìn.

Cuir an t-ìm a-steach cuideachd agus measgaich gus an tig na gritheidean còmhla mar pastraidh.

Cùm 100g den mheasgachadh gu aon taobh agus cuir an còrr air treidhe bèicearachd mu 7 x 11 òirleach a mheud air a lìnigeadh le pàipear.

Liacraich an silidh air uachdar a’ mheasgachaidh anns an treidhe.

Sgap na blueberries air uachdar sin.

Measgaich an còrr de na almonoin agus an 100g den mheasgachadh a chuir thu gu aon taobh còmhla agus sgap sin air uachdar na blueberries.

Cuir an treidhe dhan àmhainn airson mu 45 mionaid gus a bheil e a’ coimhead donn.

Leig leis fuarachadh anns an tiona.

Faodar ithe blàth le beagan uachdar no a ghearradh na phìosan beaga agus ithe le cupan teatha.