Main content
Balgain-buachair agus lus nan cnà mh le ugh tunnaig
Fraighig measgachadh de na balgain-buachair ann an spàin bhùird de dh’ìm agus pìos creamh air a ghearradh gu mìn.
Cuir 50g de lus nan cnàmh ann an uisge goileach le salainn airson mu 30 diog gu mu mhionaid agus cuir ris na balgain-buachair.
Tost slis arain taois gheur agus cuir air na balgain-buachair agus lus nan cnàmh. Ma thogras sibh cuir ugh tunnaig air a fhraighigeadh air uachdar.
Crìochnaich le crathadh beag de phiobar dubh agus sùgh liomaid.