Na Reasabaidhean Samhraidh aig Mandy
Deasachadh: nas lugha na 30 mionaid
Ùine còcaireachd: eadar 10 agus 30 mionaid
Gu leòr airson: 4
Grìtheidean
• Dà bhuntàta milis meadhanach mòr air an rùsgadh agus air am mìn-ghearradh
• Leth leigeas (leek) air a ghearradh na chearcaill
• 100 g / 3½ unnsa pònairean uaine (green beans) reòite
• 100 g / 3½ unnsa pònairean (peas) reòite
• 4 x 75g / 2½ unnsa filead liùgh (Pollack) reòite, gun chraiceann no cnàmhan
• 1 spàin bheag creamh-ghàrraidh (chives) air am mìn-ghearradh
• 4 spàinean beag ola-chroinn-ola (olive oil)
• ½ liomaid (lemon) an sùgh a mhàin
• Salann garbh (sea salt) agus piobar dubh (ground black pepper)
Dòigh:
1. Sgaoil ceithir pìosan pàipear greaseproof air a’ bhòrd obrach. Roinn am buntàta eadar na ceithir pìosan pàipear ga chàrnadh dhan mheadhan. Roinn an leigeas, na pònairean uaine agus na pònairean anns an aon dòigh agus cuir aon phìos den lìugh air uachdar gach poidhle. Cuir crathadh math de shalann agus piobair air an iasg. Sgaoil an creamh-ghàrraidh air an uachdar agus smodaich leis an ola.
2. Dèan parsailean de gach pìos pàipear le bhi gan lùbadh timcheall a’ bhiadh ann an cumadh triantan. An uairsin fàisg na h-oirean ri chèile gus a bheil iad caran coltach ri Cornish Pasty.
3. Cuir dà pharsail air truinnsear a tha freagarrach airson àmhainn meanbh-thonn. Cuir an àmhainn aig ìre àrd airson deich mionaidean gus a bheil an t-iasg air còcaireachd agus na parsailean air bòcadh. Fàg airson dà mhionaid mus tèid am fosgladh.
4. Airson dèanamh cinnteach gu bheil an t-iasg air còcaireachd, fosgail fear de na parsailean agus faic a bheil an t-iasg geal agus teth gu leòr. Mar a bheil dùin na parsailean agus cuir air ais dhan àmhainn airson còig mionaidean.
5. Cuir gach parsail air truinnsear agus fosgail aig a’ bhòrd. Faodaidh tu an sùgh liomaid a chuir orra mas tèid an ithe.