Main content

Briosgaidean Bracaist Fallain

Grìtheidean:

160g Deataichean bog

60g Ìm cnothan no Ìm almon

40g mil no siorap àlas ceud bliadhna (agave)

4 spàin-bùird sìol puimcean

4 spàin-bùird sìol Chia

100g corca brochan

50g cnò-fhrangach no cnò almon (air an gearradh nan cnapan)

Dòigh:

Cleachd pròiseasar-bìdh airson na deataichean a dhèanamh mìn agus gus an tig iad còmhla ann an bàl. Cuir spàin-bùird uisge goileach na cheann mura bheil iad a’ steigeadh ri chèile.

Blàthaich an t-ìm chnothan agus am mil ann am pana gu math socair gus an tèid a dhòrtadh.

Cuir gach nì eile ann am bobhla agus na deataichean agus dòirt air na chaidh a leaghadh anns a' phana. Measgaich seo gu math còmhla. Feumaidh tu do làmhan a chleachdadh airson na deataichean a chuir na lùib ceart agus gus am bheil a h-uile dad air a chuir na chèile.

Cleachd treidhe fuine 20 cm cearnagach. Cuir pàipear fuine ann agus cuir am measgachadh ann. Sgaoil a-mach e gu còmhnard agus cuir seo dhan frids airson co-dhiù 20 mionaidean, mus geàrr thu e na bhriosgaidean.

‘S urrainn an cumail airson 3 lathaichean anns a' frids no nas fhaide anns an reothadair.