Main content

Paidh Feòil-Circe Coiridh

Grìtheidean:

30g ìm gun salainn

1 x uinnean, air a ghearradh gu mìn

1 x spàin-mhòr fùdar coiridh (blas meadhanach)

460g filead broilleach-circe, ciùbaichte

40g flùr lom

400ml bainne leth-thogalaiche

300g brocail, air a ghearradh ann am pìosan

1 x spàin-mhòr ola rapeseed

2 x siota pastraidh filo (air a roiligeadh a-mach còmhnard)

2 x pacaid 270g pònairean faidhne agus currain

Dòigh:

1. Teasaich an àmhainn gu 200C (fan 180C no Gas 6)

2. Leagh an t-ìm ann am pana-ròstaidh mòr agus ròst an t-uinnean gus a bheil e bog.

3. Cuir am fùdar coiridh na cheann agus leig leis bruich mionaid eile. Cuir a-nis na pìosan circe ann airson còig mionaidean gus a bheil iad a’ coimhead air an ròstadh, agus an ìre-mhath bruich sa mheadhan.

4. Cuir am flùr na cheann, ga chuir mun cuairt. Leig leis an seo bruich airson dà mhionaid. Bheir far an teas e, ‘s beag air bheag, cuir am bainne na cheann, a cuir na caran dheth.

5. Bheir air ais gun teine e, ga chuairteachadh fad an t-siubhail gus nach tig cnapan dhan t-sabhs.

6. Nuair a bhios an t-sabhs air goil, tionndaidh sìos an teas agus leig leis teothachadh gu socair airson còig mionaidean.

7. Cuir am brocail na cheann le beagan salainn is piobar. Sgaoil a-nise ann an soitheach-paidh mu 1.5 liotair a dhoimhneachd

8. Sguab cuid dhen ola air na siotachan pastraidh-filo. Paisg na siotachan pastraidh, gu socair, air uachdar a’ chearc. Sguab an còrr dhen ola, gu socair, air uachdar a’ phastraidh. A-nis cuir dhan àmhainn e airson 20 mionaid.

9. Goirid mus bi am paidh bruich, ullaich na lusan. Cuir salann is piobair air na lusan agus cur air an truinnsear iad, an cois a’ phaidh.