Main content

Brochan le Blas Cofaidh

(Nì seo gu leòr do cheathrar)

Grìtheidean:

200g coirce

720ml bainne

4 spàin-tì brìgh faoineig

4 spàin-tì cofaidh

324g iogart

60g fìon-dhearcan (Raisins)

60g seòclaid dorcha

Dòigh:

Cuir an coirce, am bainne, an cofaidh agus an fhaoineag ann am pana còmhla agus goil iad air an socair airson suas ri deich mionaidean, ga mheasgachadh bho àm gu àm gus am bi coltas uachdar air.

Ma dh’fhàsas e ro thiugh, ‘s urrainn druthag uisge a chur ann.

Cuir am brochan ann am bobhlaichean le spàin iogart, na fion-dhearcan agus seòclaid air a dhèanamh mìn air uachdar.