Main content

Cèic Nollaig

Grìtheidean:

225g Ìm

225g siùcar muscovado solleir

4 uighean air am bualadh

225g flùr–lom

¼ spàin-tì salainn

2 spàin-tì spìosraidh measgaichte mìn

Rùsg orainds

85g cnò-Fhrangach no cnò-pheàcain

150 ml sùgh ùbhlan

800g measan tioram de dhiofar seòrsa

175g dearcan-ruadh tioram

50g Ìm

5 spàin-bhùird ruma dubh

Latha ron àm (no nas fhaide)

Blàthaich sùgh nan ùbhlan ann am pana agus leagh an t-ìm anns an t-sùgh. Bheir far an teas agus measgaich ann an siorap agus an ruma dubh agus leig leis fuarachadh. Cuir nam measan tioram agus na dearcan ruadh ann am bobhla agus dòirt orra an sùgh. Còmhdaich mullach a’ bhobhla agus fàg fad na h-oidhche, no nas fhaide ma thogras sibh.

Là Bèicearachd

Blàthaich an àmhainn aig ìre 160C/140C àmhainn fan/Gas 3

Liacraich tiona cruinn meud 20 cm agus cuir a dha uiread de phàipear fuine ann.

Buail an t-ìm agus an siùcar agus cuir na h-uighean dhan mheasgachadh air do shocair.

Paisg am flùr ann beag air bheag còmhla ris an spìosraidh measgaichte agus an salainn.

Cuir an uairsin na measan, an sùgh agus rùsg na h-oraindsearan dhan a’ bhobhla agus measgaich a h-uile dad còmhla.

Dòirt am measgachadh dhan tiona (ma tha sibh ag iarraidh an cèic cothrom air a’ mhullach dèan lag ann am meadhain a’ chèic le spàin-bhùird.

Cuir dhan àmhainn an toiseach airson uair a thìde gu leth. Tionndaidh an teas sìos gu 140C /120 fan/Gas 1. Fàg ann e airson uair a thìde is trì chairteal eile.

Dèan measgachadh eile le 2 spàin-bhùird ruma agus 1 spàin-bhùird siorap malpas agus fhad ’sa tha a’ chèic fhathast blàth cuir tuill na mullach le bioran mìn (mar cocktail stick) agus dòirt làn spàinean tì air feadh an t-sùgh.

Leig leis fàs fuar. Cùm e air a chòmhdach paipear-fuine ann an soitheach nach leig èadhar a-steach suas chun an Nollaig. Chun a sin, gach seachdain no h-uile deich latha, dòirt tuilleadh den ruma agus an siorap air fheadh.