Cèicean Bradan Smocte agus Buntà ta le Uighean
Grìtheidean:
1kg/2lb4oz buntàta pronn
400g/14oz bradan air a bhruich agus air a ghearradh na chnapan
150g/51/2oz bradan smocte air a shracadh na phìosan
150g/51/2oz crème fraiche
2 spàin mhòr dill no pearsal
Salainn
Piobar dubh
2 1/2 unnsa ìm
Grìtheidean an Sabhs Hollandaise
50mls/2fl oz fìon geur geal
6 eitean piobar (peppercorns)
1 duilleag bay
1 bhad tarragon
2 bhuidheagan uighe
110g/4oz ìm air a bhlàthachadh (clarified)
Sùgh 1 liomaid
50ml/2fl unnsa uisge
1 spàin mhòr mustard slàn-ghràin
Craiteachain piobar cayenne
4 uighean air am poidsigeadh
Dòigh: An Sabhs Hollandaise
Cuir am fìon geur gheal, an duilleag bay, am bad tarragon agus an t-uisge ann am pana agus bruich gu socair gus nach eil air fhàgail ach mu làn spàin mhòr.
Cuir tro shìoltachan agus measgaich còmhla ris na buidheagan uighe ann an inneal-measgachaidh. Cuir ris an t-ìm blàth gus a bheil an sabhs a’ coimhead sleamhainn.
Cuir ris sùgh an liomaid, am mustard agus piobar cayenne. Cuir gu aon taobh ga chumail blàth agus le mullach airson ’s nach tig craiceann air.
Dòigh: Na Cèicean Bradan Smocte agus Buntàta
Cuir am buntàta pronn, an dà sheòrsa bradan, crème fraiche, dill, salainn agus pìobair ann am bobhla mòr agus measgaich. Roinn na cheithir pìosan agus cur cumadh cèic air gach fear. Faodaidh sibh cearcall meatailt a chleachdadh.
Leagh ìm ann am pana fraighigidh agus teasaich na ceithir cèicean airson mu 2/3 mhionaidean gach taobh gus a bheil iad brisg agus le dath donn.
Roinn eadar dà thruinnsear – dà chèic air gach fear agus dà ugh air am poidsigeadh. Dòirt an sabhs hollandaise air an uachdar.