Main content

Rus le ugh air a fraighigeadh

Grìtheidean:

1 ugh

2 spàin bheag ola seasaman

2 spàin mhòr ola lus

200g/4 unnsa rus gràn-fada (cudrom ro chòcaireachd) air a bhruich agus air fhuarachadh

100g/4 unnsa peasairean reòite air an leaghadh (ruith uisge blàth orra airson seo a dhèanamh luath)

Ma thogras sibh: 100g/4 unnsa bachlagan-phònarach (beansprouts)

Piobar geal

Dòigh:

1. Measgaich an t-ugh agus an ola seasaman agus cur gu aon taobh.

2. Teasaich an ola lus ann a wok no pan fraighigidh mòr. Nuair a thig crith theas agus e cha mhòr a’ smocadh, cur ann an rus agus measgaich airson 3 no 4 mionaidean gus a bheil an teas air a dhol troimhe gu tur.

3. Cur ris na peasairean agus na bachlagan-phònarach (ma tha sibh gan cleachdadh). Cùm a’ tionndadh an rus agus na grìtheidean eile airson trì mionaidean.

4. Cur ris an sabhs soy agus am piobair geal agus gluais a h-uile càil gu aon taobh den phana.

5. Dòirt am measgachadh den ugh agus an ola seasaman air an taobh eile agus fàg airson deich diogan gus an tòisich e air còcaireachd.

6. A’ cleachdadh bioran-ithe (chopstick) cur an t-ugh mun cuairt gu h-aithghearr airson a bhriseadh suas agus an uairsin measgaich còmhla ris an rus. Còcairich airson mionaid eile agus tha e deiseil.