Taoiseagan
Grìtheidean
Blaith cupa bainne 124ml
Blaith cupa blàthach 125 ml
Cairteal cupa siùcar + 1 x spaìn-tì 50g
7g pacaid beirm
Dà chupa flùr arain 240g
Dà chupa flùr lom 240g
Blaith spaìn-tì salainn
5 spaìnean-tì ìm leaghte 75g
2 ugh + aon bhuidheagan uighe
Dà spaìn-tì sùgh faoineag
Ola son ròstadh
Airson an t-uachdar gleansach
100-150ml bainne
400-500g siùcar-còmhdachaidh
Dòigh
Measgaich am bainne, am blàthach, spaìn-tì de shiùcar agus am beirm mu chuairt, an ceann a chèile, agus fàg e son 15 mionaidean.
Buail na h-uighean sam buidheagan ri chèile, ’s cuir a h-uile sian eile an ceann brochan a bheirm, seach an ola. Bheir taoiseadh air a’ mheasgachadh airson 10 mionaidean. Cuir ann am bobhla e le còmhdach plastaig air uachdar agus fàg e airson mu uair a thìde neo timcheall air uair a thìde gus a bheil e a dhà uiread a’ mheud.
Sgaoil a-mach an taois gu òirleach a thighead. Cleachd dà inneal-gearraidh – fear mòr agus fear beag. Geàrr dà chearcall mòr agus leis an inneal-gearraidh beag, cuir toll ann am meadhan gach cearcall. Cùm a’ sgaoileadh an taois gus a bheil e uile air a chleachdadh.
Teasaich an ola gu mu 180C ann am pana mòr. Cuir mu thrì no ceithir a thaoiseagan dhan ola. Nuair a bhios am bonn aca ròsta, cuir bun-os-cionn iad gus ròstadh a thoirt dhan taobh eile. Cùm a’ dèanamh seo, gan tionndadh – mu 2 mhionaid gach taobh. Tog às iad agus tiormaich air tubhailt-phàipèir. Dèan an aon rud a-rithist leis na taoiseagan eile.
Nuair a bhios iad uile deiseil agus air fuarachadh, dèan an còmhdach-gleansach a thèid air an uachdar. Buail am bainne ’s an siùcar-còmhdachaidh còmhla gus a bheil e beagan steigeach ach gun a bhith ro thana. Bheir bogadh beag do gach taobh de na taoiseagan anns a’ chòmhdach.
Cuir air paìpear-bèiceareachd iad agus fàg iad gus a bheil iad deiseil.