Cearc ròsta
Grìtheidean:
Cleachd cearc slàn (casan, sliasaidean, sgiathan agus am broilleach) gun chraiceann
Airson na pìosan circe a chòmhdach:
4 sliseagan aran flùr slàn-mhìn (wholemeal) air a bhriseadh suas na chriomagan mìn
1 spàin bheag salainn
½ spàin bheag lus an rìgh (thyme)
½ spàin bheag basail
â…“ spàin bheag oragan
1 spàin bheag salainn-seilearaidh
1 spàin bheag piobar dubh
1 spàin bheag mustard tioram
2 spàin bheag paprika smocte
1 spàin bheag salainn-creamh
1 spàin bheag dinnsear
2 spàin bheag piobar geal
Dòigh:
Measgaich na casan, na sliasaidean agus na sgiathan ann am bobhla agus còmhdaich leis a’ mheasgachadh tioram. Cur dhan àmhainn aig teas 200c airson 30-40 mionaid.
Geàrr broilleach na circe nam pìosan mu òirleach a mheud agus còmhdaich airson cearc popcorn a dhèanamh. Cur na pìosan dhan àmhainn, teas 200c airson 10–15 mionaid.
Ith leis an sailead chàil.