Feòil Mairt le Sabhs Tiolaidh Mhilis
Feòil Mairt le Sabhs Tiolaidh Mhilis (gu leòr airson triùir)
Grìtheidean:
450g/punnd striopan feòil mairt freagarrach airson am fraighigeadh
1 spàin mhòr tapioca starch, fùdar arrowroot no flùr gràin
2 spàin bheag ola abhocado (no ola sam bith eile)
2 spàin mhòr sabhs tiolaidh mhilis
2 spàin mhòr sabhs soy (chan e am fear dorcha)
½ spàin mhòr taois tomàtoan
â…“ cupa uisge
2 uinnean-earraich mìn-sgudaichte
Doigh:
1. Ann am bobhla, measgaich an sabhs tiolaidh mhilis, an sabhs soy, an taois tomàtoan agus an t-uisge.
2. Cur gu aon taobh.
3. Ann am bobhla eile, còmhdaich na striopan feòil mairt leis am flùr as fheàrr leat.
4. Teasaich wok gu ìre àrd agus leig leis fàs teth mas cur thu ann 1 spàin bheag dhen ola.
5. Cur leth dhen fheòil dhan phana agus fraighig gus a bheil iad soilleir gan tulgadh mu chuairt.
6. Thoir a-mach às a’ phana.
7. Dèan an aon rud leis a’ chòrr dhen ola agus an fheòil agus thoir sin a-mach às a’ phana cuideachd.
8. A-nis cur am measgachadh den sabhs dhan phana agus tionndaidh an teas gu meadhanach gus an tòisich e air còcaireachd.
9. Lùghdaich an teas nuair a tha an sabhs air fàs tiugh.
10. Cur an fheòil air ais agus crath am pana ach gus an còmhdaich an sabhs an fheòil.
11. Sgaoil an uinnean-earraich air uachdar.
(Ith le rus càl-colaig no nùdailean lusan suainte)