Main content

Sailead le bradan smocte

Gritheidean:

500g buntàta ùr air an gearradh nan leth

200g cinn asparagus

250g pacaid duilleagan measgaichte

Bad parsley agus meannt air an gearradh mìn

140g meacan-ruadh (radish), air a ghearradh mìn

3-4 staoigean bradan smocte teth, leis an craiceann air a thoirt dheth

4 uinneanan-earraich air an gearradh tarsainn

Sùgh saileid (dressing):

3 spàin mhòr sùgh liomaid

125ml ola a' chroinn-ola (extra virgin)

1 spàin teatha mustard wholegrain

2 chilli dearg

Goil am buntàta ann an uisge saillte airson 10 mionaidean gus a bheil iad air am bruich. Tilg an asparagus a-steach dhan phana airson an dà mhionaid mu dheireadh.

Dreàn an uisge bhuaithe agus fàg e airson fuarachadh.

Measgaich na gritheidean airson an sùgh saileid còmhla.

Measgaich am buntàta, asparagus agus na duilleagan sailead còmhla ann am bobhla agus dòirt air 2-3 spàinean teatha de Sùgh saileid air agus measgaich gu math.

Cuir a h-uile càil bhon bhobhla air truinnsear mòr. Bris an àrd am bradan agus sgap air muin an sailead còmhla ris na h-uinneanan-earraich.

Dòirt a chòrr dhen dressing air mullach a h-uile càil.

Cèic-càise bun-os-cionn

30g ìm leaghte

2 unnsa briosgaidean digestive, air am pronnadh

200-250g sùghagan

4 spàin mhòr siùcar còmhdachaidh

200g pacaid càise bog (full-fat)

Craiceann air a sgrìobadh agus sùgh 1 liomaid

3-4 spàin mhòr bainne

Duilleagan meannt airson sgeadachadh

Teasaich an àmhainn gu 180C/Gas4.

Measgaich na briosgaidean pronn leis an ìm agus sgap air treidhe bèicearachd air a lìnigeadh le pàipear.

Cuir dhan àmhainn airson 5-10 mionaidean gus am bi dath soillear donn air na briosgaidean. Thoir a-mach às an àmhainn iad agus leig leotha fuarachadh.

Cùm dhà no thrì sùghagan airson sgeadachadh aig an deireadh.

Dèan pronn an dàrna leth dhen a chòrr dhiubh le siùcar còmhdachaidh agus measgaich. An uairsin measgaich a-steach a chòrr de na sùghagan.

Roinn am measgachadh eadar 3-4 glainneachan, a-rèir cia mheud a tha thu a’ biathadh.

Measgaich an càise bog, an siùcar còmhdachaidh, an sùgh agus craiceann liomaid còmhla agus dòirt am bainne a-steach mar a tha feum air.

Roinn am measgachadh eadar na glainneachan air muin am measgachadh sùghagan aig bonn na glainneachan.

Crath am measgachadh bhriosgaidean air mullach sin agus sgeadaich am mullach leis na sùghagan mu dheireadh agus duilleagan meannt.