Bas-mara le dinnsear, tiolaidh agus uinneanan-earraich
Grìtheidean:
2 filead bas-mara, mu 140g/5 unnsa am fear, an craiceann orra gun lann
1 spàin bheag ola neòinean-grèine
Cnap bheag dinnsear air a rùsgadh agus air a shracadh mar biorain mhaidseachan
1 chlòbha creamh
1 tiolaidh mhòr, an sìol air a thoirt às agus air a stialladh gu mìn
Bad uinneanan-earraich, air an stialladh nan striopan fada
1 spàin mhòr sabhs soy
Salann
Piobar
Dòigh:
1. Cuir salann agus piobair air na h-èisg agus geàrr an craiceann aca ann an trì àiteachan.
2. Teasaich pana fraighigidh trom agus cur ann spàin bheag ola.
3. Nuair a tha e teth, fraighig na h-èisg leis a’ chraiceann aca sìos airson mu chòig mionaidean no gus a bheil iad criosp agus soilleir donn. Bu chòir dhaibh a bhith cha mhòr còcairichte a-nis.
4. Tionndaidh agus bheir dhaibh 30 diogan eile no mionaid aig a char as fhaide. Cur air truinnsear iad agus cùm blàth.
5. Teasaich an còrr dhen ola agus fraighig an dinnsear, an creamh agus an tiolaidh airson dà mhionaid. Tog far an teas agus sgaoil na h-uinneanan-earraich air uachdar.
6. Dòirt an sabhs soy air an èisg agus cuir am measgachadh anns a’ phana air an uachdar.