Na Reasabaidhean Samhraidh aig Mandy
Gu leòr airson: 4
Grìtheidean:
• 8 buntàta fingerling, gach fear air a ghearradh na dha leth bho mhullach gu bonn
• 2 spàin mhòr pearsail (parsley) mìn-sgudaichte
• 1 spàin mhòr gu leth càl nan each (horseradish)
• 1 spàin mhòr gu leth mustard Dijon (whole-grain)
• 1 spàin mhòr sabhs Worcestershire
• 1 spàin bheag gu leth siùcar
• 2 spàin bheag ola-chroinn-ola
• Cairteal spàin bheag piobar dubh (ground black pepper)
• Leth spàin bheag salunn
• Cupa piobar-dearg air a ghearradh na òirlich cearnach
• 16 plaosgan beaga okra
• 8 meanbh-uinneanan (shallots) air an rùsgadh agus air an gearradh nan dà leth
• 1 phunnd staoig sirloin (gun chrèimh) air a ghearradh na chiùbaichean mun mheud òirleach
• 1 squash buidhe meadhanach mòr air a ghearradh na dhà leth bho mhullach gu bonn agus an uairsin na shliosagan mu leth òirleach (mu dhà cupa)
• Frasadair còcaireachd (cooking spray)
Cuir am buntàta ann am pana uisge. Goil agus tionndaidh sìos an teas agus teòdh airson còig mionaidean deug. Dòirt dhiubh an t-uisge agus fàg airson fuarachadh.
Measgaich gu math am pearsail, càl nan each, mustard, sabhs Worcester, siùcar, ola-chroinn-ola agus am piobar còmhla ann am bobhla. Cuir ris cairteal spàin bheag salunn, am buntàta, am piobar-dearg, an okra, na meanbh-uineannan, na pìosan staoig agus an squash bhuidhe. Tionndaidh gu math na grìtheidean gu lèir airson ’s gu bheil iad air an deagh chòmhdach agus fuaraich airson uair a thìde.
Deasaich an grill.
Brùth na measan agus an staoig tro ochd bioran-ròstaidh a tha mu dheich òirleach a dh’fhaid. Crath aon còrr den t-salann air feadh nan kebabaichean agus cuir air a’ ghrill iad agus còmhdaich le fras de dh’ola airson deich mionaidean. Tionndaidh an dràsta sa rithist.