Main content

Rola Isbean Nollaig

Grìtheidean:

1 phùnnd mions feòil muice
8oz feòil isbean (gun chraiceann)
1 uinnean meadhanach mòr air a ghearradh
2 chlobha creamh air am pronnadh (garlic)
6 sliosan hama stiallanach smocte agus ciùbaichte
75ml Calvados
1 spàin-tì sàiste (sage)
2 spàin-tì pearsail (parsley)
1/4 spàin-tì dinnsear (ginger)
1/4 spàin-tì cnò-mheannt air a sgrìobadh gu mìn (nutmeg)
50g cnothan pistachio mìn-sgudaichte
20 apracot tioram ciùbaichte
Salann
Piobar dubh air a phronnadh
2 ugh air am bualadh
50 grama smùr arain
1 siota pastraidh “puff” air a roiligeadh gu mu 50cm/20"x 25cm/10" a thighead

Dòigh

Teasaich an àmhainn gu 200C / 180 Fan / Gas 6

Fraighig a’ hama, an t-uinnean agus an creamh agus cuir ris an Calvados. A-nis cuir ann am bobhla mòr agus leig leis fuarachadh. Cuir ann an còrr de na grìtheidean, a’ cumail rud beag dhen ugh air a bhualadh airson a liacradh air a’ phastraidh a-rithist. Measgaich gu math agus bheir cumadh isbean air agus cuir air a’ phastraidh e. Paisg am pastraidh timcheall air an isbean agus cuir beag dhen ugh air na h-oirean ach an steig iad ri chèile. Le sgian gheur geàrr loidhnichean tarsainn mullach a’ phastraidh.

Cuir dhan àmhainn airson 10 mionaidean agus tionndaidh sìos teas na h-àmhainn gu 170C / 150 Fan / Gas6.

Còcairich airson 30 mionaid eile.

Ith le “coleslaw” no le Sailead le Peur agus Bloinigean Gàraidh (Spinach)