Main content

Càl-Cholaig Spìosraichte

Càl-Cholaig Spìosraichte, Cearc-Pheasraichean, Luibhean & Cnòthan Giuthais

1 chàl-colaig mhòr
2 clòbha creamh air am pronnadh
1 spàin-tì sìl carabhaidh
1 spàin-tì sìl cuimean
3 spaìn-bhùird ola-chroinn-ola
Canastair 400g cearc-pheasraichean air an traoghadh tro uisge
100g Cnòthan Giuthais
Bad bheag peirsail agus dile air am pronnadh
Salann agus piobair airson blas

Dòigh:

• Teasaich an àmhainn gu 220c/Gas 6

• Cuir an càl-cholaig, na clòbhan creamh, na spiosraichean, an t-ola, an salann agus am piobair ann an tiona-ròstaidh. Cuir dhan àmhainn e airson leth-uair a thìde.

• Cuir na cearc-pheasairean agus na cnòthan-giuthais na cheann. Cuir car dhen h-uile sian gus a bheil e air a chòmhdach le ola agus cuir dhan àmhainn airson 10 gu 15 mionaid eile.

• Cuir am peirsail agus dile na mheasg agus tha e deiseil airson ithe.