Tar-sgrìobhadh: Canada 150
Dòmhnall Moireasdan
Dòmhnall: Air feasgar àlainn, a’ ghrian a’ deàrrsadh ’s gun sgòth anns an adhar, tha mi air a thighinn dìreach beagan mhìltean air taobh a-muigh Khingston gu cladh Khateraki – air ainmeachadh le na tùsanaich a bha seo, fada mus tàinig Albannach no Eòrpach sam bith eile.
Tha an cladh làn chraobhan ’s gu sònraichte aon chraobh mhòr mhaple an seo is bratach Chanada ri taobh – bhos cionn uaigh Sir John A Dòmhnallach. Tha a’ chlach-uaghach fhèin gu math sìmplidh: John Alexander MacDonald – 1815 to 1891. At rest. Ach le John A air fàs cho ainmeil ann an eachdraidh Chanada mar a tha na bliadhnaichean air a dhol seachad, tha iad air plaque oifigeil a chur an seo cuideachd: Sir John Alexander MacDonald – Père de la Confédération; Father of Confederation.
Seo an duine a thug beò Canada; athair na dùthcha. Dhan a’ chuid mhòr, tha e airidh air urram. Ach chan eil sin fìor dhan a h-uile duine ann an Canada ann an dòigh sam bith.