Main content

Tar-sgrìobhadh: Fàs Veganism

Coinneach Combe a' còmhradh ri Michelle NicDhòmhnaill

Coinneach: Cha chreid mi nach eil cùisean air fàs nas fhasa an taca ri rud a bha Alasdair ag ràdh. Tha an t-uabhas taghadh ann airson biadh a dh’itheadh tu aig an taigh agus gu dearbh nuair a tha thu a’ dol a-mach gu sònraichte timcheall air Glaschu, tha tòrr taighean-bìdh ann an Glaschu far a bheil clàran-bìdh slàn aca gun rud sam bith ceangailte ri beathaichean, agus mar sin dheth, chan eil mise ga fhaighinn duilich anns an dòigh sin.

Michelle: Roghnaich sibh a bhith nad vegetarian air sgàth còraichean bheathaichean, a bheil an adhbhar seo air atharrachadh thairis air na bliadhnaichean a Choinnich?

Coinneach: Chan eil cha chreid mi. Tha mi fhathast, tha tòrr teagamhan agam a thaobh mar a tha beathaichean air an làimhseachadh is beathaichean a’ siubhal astar mòr ann an làraidhean mus bi iad air am marbhadh mar eisimpleir. Agus chan eil fhios dè tha tachairt a thaobh Brexit no aontan malairt eile a bhiodh air fàire. Mar sin dheth, tha feagal orm gum bi barrachd bheathaichean a bh’ air an droch làimhseachadh, gum bi feòil dhen t-seòrsa sin a’ nochdadh barrachd ann an Alba anns an àm ri teachd.