Tar-sgrìobhadh: Nam Bhoireannach
Kerry Anne: Dè mu do dheidhinn fhèin Rosemary, a bheil thu smaoineachadh gu bheil sinn air co-ionnanachd a ruighinn 's gu bheil barrachd bhoireannaich a-nise ag obair aig àrd-ìre?
Rosemary: Tha mi smaointinn gu bheil cothroman ann dhaibh agus tha e an urra riutha fhèin, iad fhèin a chur air adhart airson obraichean aig àrd-ìre.
Chuir mise seachad bliadhnaichean ann am foghlam agus bhiodh e dèanamh dragh uabhasach dhomh gu h-àraid nuair a bhiodh sinn a’ sireadh luchd-teagaisg airson dreuchdan àirde. Anns a’ chumantas bhiodh barrachd fireannaich a’ cur a-steach airson ceannardan-sgoile agus dh’fhàs e gu math soilleir dhòmhsa gun robh e uabhasach fhèin doirbh a bhith a' toirt air boireannaich cur a-steach airson na h-àrd dhreuchdan sin mura robh iad fhèin a’ faireachdainn gun robh iad a’ coileanadh dhleastanasan mar gum biodh an dealbh-obrach air fad agus chanainn, bhithinn-sa dol a-mach 's bha uallach agamsa airson diofar sgoiltean 's bhithinn a’ feuchainn ri luchd-teagaisg a bhrosnachadh agus bhithinn ag ràdh carson nach eil thu a' cur a-steach airson an obair tha sin?
Oh well, tha mi a' coileanadh mar gum biodh an dàrna leth dha na h-amasan a th’ air an cur romhainn ach chan eil an eòlas agam air cuid dha na rudan eile ’s bha mi feuchainn ri ràdh, uill thig an eòlas tha sineach - ’s ann tro bhith dèanamh na h-obrach a thig an eòlas so bha barrachd misneachd shaoil mise aig cuid dha na fireannaich na bha aig na boireannaich. Tha mi smaointinn gu bheil sinn a’ faighinn seachad air a sin a-nis.