Tar-sgrìobhadh: Pìobairean
Seonaidh: Bha Recruiting Sergeant, aon dha na Camshronaich ’s bha e càirdeach dhomh fhèin. Sergeant Bowie. Thàing e à Inbhir Nis a Loch Baghasdail feuch am faigheadh e recruits agus bhiodh e a’ tighinn dhan taigh againn.
Chomhairlich e dhòmhsa dhol, 'joineadh' suas. Thuirt mise ris gun robh mi tuilleadh is òg airson a dhol dhan arm. Oh chan eil, bheir thusa suas aois - can gu bheil thu... Bha mi mòr dham aois. Can gu bheil thu seachd-deug gu leth. Agus sin an rud a rinn mi.
Dòmhnall: Cha robh sibh ach còig-deug ge-tà?
Seonaidh: Cha robh. Dh’fhalbh sianar againn às a seo. ’S e Special Reserve a bh’ ann an uair sin.... bha, an t-seann Mhailisidh a bh’ ann an toiseach ach thug iad a Special Reserve air an t-seann Mhailisidh. Agus bha sinn ann an Inbhir Nis fad sia mìosan. Bha a h-uile seòrsa trèanadh againn; musketry, ’s drill dhen a h-uile seòrs'. Uill, fhuair sinn dhachaigh an uair sin an ceann na sia mìosan. An-ath-bhliadhna, thòisich an cogadh. Ach co-dhiù, mun do thòisich an cogadh, bha 'games' shìos air... machair Dhalabroig. Bha mòran phìobairean a’ cluich ann. Ach thugadh ormsa dhol sìos co-dhiù. Uill, bha mi air mo dheagh thrèanadh na sia mìosan a bha mi... aig Dòmhnallach bliadhnaichean roimhe sin, agus an trèanadh a fhuair mi an Inbhir Nis, aig Pipe Major eile, Pipe Major Beattie’s. Dh’fheuch mi air na competitions a bh’ air na 'games' an sin. Bhuinnig mi ’n dà cheòl mòr.