Tar-sgrìobhadh: Sà r Chlà r
Ethel: Thàinig mise à Tiriodh a dh’obair anns a’ chaisteal, ann an naoi ceud deug leth cheud agus a ceithir. Bha Antaidh Ceit feuch a faigheadh i obair dhomh agus cò thàinig nar coinneamh ach am bàillidh, Mr Maclennan, agus an Diùc agus a’ Bhana-Diùc. Ach nach tuirt Antaidh Ceit gun robh mise a’ siubhal 'job'. Uill bha mise ’s job agam anns a’ chaisteal an Inbhir Aora, a chionn bha iad a’ siubhal searbhantan. Bha e na iongnadh mòr do chaileag bheag à Tiriodh a bhith faicinn... an t-àite mòr breàgha ’s na rumannan aca cho spaideil ’s a h-uile rud cho breàgha, ’s dh’fheumadh tu bhith modhail agus dh’fheumadh tu d’ obair a dhèanamh gu math, 's fhuair mi ionnsachadh math - ach ’s e rud gu math eagallach a bh’ ann an toiseach gus an d’ fhuair mi eòlach orra.
Patsi: Nise tha an clàradh a tha seo, ’s e cruinneachadh a th’ ann do dh’òrain agus pìosan ciùil a chaidh a chlàradh aig aon chèilidh shònraichte. Robh na cèilidhean sin a’ tachairt tric?
Ethel: Bha gu dearbh, gu sònraichte aig a’ bhliadhn' ùir. A’ chiad bhliadhn' ùir a bha mise ann... cha robh cèilidh aca an oidhche sin ach bha an Diùc, dh’iarr e air Ronnie ’s bha Ronnie a' tighinn a thoirt a-staigh na bliadhn' ùir còmhla riutha ’s e a' cluich na pìob agus thuirt e riutha tha caileag òg an sin à Tiriodh 's tha i math air seinn so nach do land mise seinn aig a’ bhliadhn’ ùir agus dh’iarr an Diùc orm nan seinnein an trìtheamh salm thar an fhichead. Tha cuimhn' a'm air a sin fhathast. Mi shuas anns a’ ghallery ’s na casan agam a’ gliocadaich, ach rinn mi e.