Tar-sgrìobhadh: Sealladh Eile
An Dr Ailean Mac an Tuairneir a’ còmhradh ri Iain Mac’illeMhìcheil
Iain: A bheil aon fhàileadh ann a tha a’ cuimhneachadh làithean d’ òige dhut?
Ailean: Uill tha gu dearbh. Bha m’ athair uabhasach dèidheil air a bhith a’ dol a dh’iasgach agus nuair a bha sinn glè bheag, còig 's a sia bhliadhnaichean, bhitheamaid a’ dol a dh’iasgach shìos air a’ chladach fon an taigh-sgoile. Agus bhitheamaid a’ glacadh chudaigean agus bhiodh mi-fhìn gan toirt dhachaigh is bhiodh mo mhàthair an uair sin gan glanadh is gam bruich airson an dìnneir feasgar. Agus tha cuimhn’ a’m fhathast an t-àileadh a bh’ air an iasg agus mar a bha sin a’ còrdadh rium agus ri mo bhràithrean cuideachd.
Iain: Uill, agus a-rithist co-cheangailte ri biadh, sin a’ chiad fhàileadh a th’ ann an cuimhne a’ chuid as motha de dhaoine.
Ailean: Tha mi a’ creidsinn gur e. Tha cuimhn’ a’m eile air turas nuair a bha mi nam oileanach agus bha sinn a’ coiseachd faisg air Bail’ Ùr an t-Slèibh is bha sinn a’ cruinneachadh na cearcan-fraoich gu faigheadh na daoine uaisle losgadh orra. Agus aig deireadh an latha, bheireadh iad dhuinn dhà no trì is bha sinn gan glanadh gu cùramach is an uair sin gam bruich air feadh... air taobh a-muigh an taighe far an robh sinn a’ fuireach agus abair gun robh fhàileadh brèagha air a’ chearc-fraoich mar a bha i air a bruich anns an dòigh a tha seo.