Tar-sgrìobhadh: Sgeulachd Beatha
Mairead NicFhionghuin
Mairead: Bhathar a’ faicinn gun robh gnothaichean a’ fàs doirbh a thaobh cosnadh is bha bàta far an robh m’ athair na sgiobair, bha i anns an Tyne, ceangailte suas còmhla ri ceudan eile. Co-dhiù, rinn iad suas an inntinn an uair sin gun dèanadh iad air na h-eileanan. Bha mo mhàthair cho eòlach air Beinn na Fadhla agus aig an àm a bh’ ann, bha taigh ris an canadh iad Redbank faisg air Hotel Chreag Goraidh ann a shin. Bha e air a’ market, agus rinn iad suas an inntinn gum feuchadh iad air an t-àite a bha sin a cheannach agus gun togadh iad bùth, 's bhiodh an dithis aca ann a shin 's an teaghlach an lùib na daoine aca fhèin, agus ’s e sin a rinn iad. Cheannaich iad Redbank. Agus thòisich iad an uair sin air togail bùth taobh thall dhan taigh. Mun deach a' chlachaireachd, mun deach crìoch air a sin, fhuair m’ athair brath a dhol air ais dhan bhàta aige is cha robh e air tìr tuilleadh às a dhèidh sin. Bha aig mo mhàthair ris a h-uile sìon a bh’ ann ri dhèanamh às a dhèidh sin. Bha i gu math foghainteach. Bha deagh eanchainn aice is deagh fhios aice dè ghabhadh dèanamh agus chùm i roimhpe agus thog i deagh bhùth ann agus fhuair i bhan. Bhiodh i a’ dol mun cuairt Bheinn na Fadhla. Bha an tì 's an siùcar 's bha a h-uile sìon riamh ga thomhas an uair ud. Hama is oh, bhiodh crogain gu leòr aice cuideachd.