Tar-sgrìobhadh: Aois 60
Saoilidh mi nuair a tha daoine a’ fàgail dreuchd an toiseach gu bheil an tìde agus an t-saorsa às ùr dìreach na annas, agus na thoileachas do dhuine sam bith. Ach mar a tha thu ag ràdh, gu h-àraid ma tha thu cleachdte ri bhith trang, ri bhith dripeil, gu bheil ùine a' dol seachad agus gu bheil an tìde a th’ agad a’ fàs na uallach. Tha mi smaoineachadh gum biodh sin cumanta, gu h-àraid do dhaoine a th’ air a bhith ag obair làn-ùine agus a th’ air a bhith a’ dèanamh obair far a bheil iad dripeil agus trang agus far a bheil sin a’ còrdadh riutha.
Saoilidh mi gu bheil e cudromach dha-rìribh a bhith smaoineachadh air ciamar a tha sinn a’ cleachdadh ar n-ùine anns an t-suidheachadh sin. Mar eisimpleir a bhith smaoineachadh air rudan a tha obair a’ toirt dhuinn, mar routine, agus aig àm ged a tha sin na uallach na dhòigh fhèin le bhith ag obair, ’s fhiach smaoineachadh air seòrsa de routine a choireigin a chumail a’ dol fhad ‘s a tha an atharrachadh sin a’ gabhail àite.