Main content

Tar-sgrìobhadh: Bràthair Mo Sheanair

Dòmhnall Meek a’ bruidhinn mu Sheonaidh MacIllEathain

Dòmhnall: ’S e reachdaire a bh’ ann. ’S e rector a theireamaid ri ceannard na sgoile anns an Òban. Is bha sin cuideachd ga chuir car air leth. Theireadh tu gur e duine àrd urramach, ’s dòcha rudeigin fad às a bhiodh romhad. Is dh’fhalbh mi fhèin is mo mhàthair suas gu Àrd-sgoil an Òbain is oh b’ e àrd-sgoil a bh’ innte sa h-uile dòigh. Bha i àrd os cionn an rathaid mhòir. Bha binneanan brèagha oirre agus leis cho brèagha ’s a bha i, bha fhios agad gun robh thu a’ dol a dh’àiteigin àrd. 'S dh’fheumadh e a bhith gun robh an reachdaire àrd cuideachd, agus thug sinn gnogag air an doras 's dh’fhosgail an doras. Bha fear a bha seo car meadhanach àrd, caran ruiteach san aghaidh agus deise chlò gu math Gàidhealach air is brògan làidir leathair, is bha fiamh a’ ghàire air aodann. A’ chiad rud a thuirt e rinn, ’s e, “A bheil fhios agaibh,” thuirt e, “gu bheil mise càirdeach dhuibh?” “Bha a’ chiad bhean agamsa,” thuirt e, “càirdeach do na Dòmhnallaich agaibhse.” ’S e seo a thuirt e. Cha mhòr nach do thuit mise. Bha dùil agams' gur e a’ chiad rud a bhiodh e ag innse dhomh na comharraidhean a fhuair mi anns na deuchainnean, ach cha robh mòran ùidh aige anns na rudan sin idir. Agus bha dìreach, cha ghabhadh e creidsinn gun robh thu ann an sgoil. Bha thu a’ faireachdainn gun robh thu ann an taigh-cèilidh air choireigin.