Tar-sgrìobhadh: Sianar aig Bòrd
Iain MacAmhlaigh a’ còmhradh ri Calum Aonghas MacAoidh
Calum Aonghas: ’S 'eil thusa, am bi thu a’ faicinn dealbhan dhen an dà Sheonaidh a tha seo ’s eil thu a’ faicinn samhla teaghlaich - 'eil thu a’ faireachdainn gu bheil fiamh air choireigin annad fhèin a dh’fhaodadh a bhith anns an dithis agaibh?
Iain: Tha mi a’ faicinn sin ach tha mi nas coltaiche ris an t-seanair eile a-rèir coltais ris na deilbh a tha mi air fhaicinn. Agus esan, ’s ann à Earra-Ghàidheal a bha e, à sgìre Thaigh an Uillt agus ’s e Seonaidh a bh’ airsan cuideachd ach Mac’illeNaoimh no MacNiven. Agus ‘s e sin an t-ainm a th’ ormsa chun an latha an-diugh - ’s e John MacNiven MacAmhlaigh, a th’ orm. Agus ’s e òstair a bh’ ann an Seonaidh MacNiven cuideachd. Bha taigh-seinnse aige ann am Pollokshaws, am Maxwell Arms, air ainmeachadh air Sir John Stirling Maxwell aig a bheil an taigh mòr, Pollok House, uill aig an teaghlach aige anns an latha an-diugh.
Is tha e coltach gun robh mo sheanair agus Sir John Stirling Maxwell seo rudeigin mòr aig a chèile o chionn ’s gun robh iad anns na saor-chlachairean. Sin mar a fhuair e eòlas air. Bha e cuideachd eòlach air fear eile ainmeil a bha à Pollokshaws, John MacLean, air a bheil, fear a bha a’ sabaid airson còraichean ann an Alba anns na thirties, twenties agus na thirties, is bha e eòlach airsan airson bha Gàidhlig aige. ’S ann à Muile a bha John MacLean is bha Gàidhlig Mhuile aige agus bha Gàidhlig Earra-Ghàidheal aig mo sheanair. So ged nach robh John MacLean seo - bha e fada, fada an-aghaidh deoch ach bhiodh e a’ tighinn dhan taigh-sheinnse a bhruidhinn ri mo sheanair ann an cùlaist bheag.