Tar-sgrìobhadh: Coinneach MacÌomhair
Coinneach: Tha cùisean ann a Bhenesuèla troimh-a-chèile; tha iad air a bhith sin cho chionn ùine ach tha iad troimh-a-chèile dha-rìribh a-nise. Tha spògan dhùthchannan mòra an t-saoghail a’ nochdadh anns an deasbad cuideachd - agus tha mi creids nach fheàrrd iad sin. Tha an dùthaich roinnte; far a bheil comas i bhith nas beartaich' na dùthaich sam bith eile an ceann a deas Ameireagaidh, tha an sluagh air teicheadh nan ceudan mìle air sgàth bochdainn. Chan eil cus cinnt dè dha-rìribh a tha a' tachairt neo cò aig a tha làmh-an-uachdar ach tha an tè-naidheachd Anna NicLeòid air a bhith a' feuchainn ri faighinn a-mach. Uill, dè an ìre aig a bheil sinn air a’ mhadainn seo Anna?
Anna: Uill, dè tha gar fàgail ann an sheo? ’S e tha gar fàgail ann an sheo gun robh taghaidhean ann a Bhenesuèla an-uiridh agus tha eas-aonta ann fhathast mu dheidhinn cò bhuannaich. ’S e an tagraiche a bh’ air a bhith na cheann-suidhe co-dhiù, Nicolás Maduro. Thàinig esan a-steach às dèidh Hugo Chávez, fear a bha os cionn na dùthcha fad bhliadhnaichean agus thug thu iomradh air beartas, agus am beartas a th’ ann a Bhenesuèla, neo a bu chòir a bhith ann a Bhenesuèla ri linn an ola a th’ aig an dùthaich – tha e do-chreidsinneach cho bochd ’s a tha cùisean dha-rìribh.