Main content

Tar-sgrìobhadh: Feasgar

Agnes Rennie

Cathy: Uill, ’s ann a' dol air ais ann an eachdraidh a tha sinn – oir, ’s ann air a’ cheathramh latha dhan Chèitean naoi ceud deug trì fichead ’s a naoi-deug a thachair rud gu math ùr ann an saoghal poilitigs ann am Breatainn. Chaidh boireannach a thaghadh mar phrìomhaire.

Dà fhichead bliadhna bhon uair sin, dè th’ air atharrachadh? Dè seòrsa saoghal a bh’ aig boireannaich air ais anns na seachdadan? Agus ciamar a chaidh gabhail ris an naidheachd?

Uill bha mise – bha mi nam oileanach ’s tha cuimhn’ agam fiù ‘s... bha sinn an àirde feitheamh gus am faigheadh sinn a-mach cò bha... cò bha dol a bhuannachadh, gu luaidh air cò bha dol a bhith gar stiùireadh. ’S tha cuimhne a’m far an robh mi – bha mi seo ann an Dùn Èideann. Eil cuimhn’ agad càite an robh thusa Agnes, an oidhche ud?

Agnes: Bha mise, bha mi ann an Obar Dheathain aig an àm, agus bha an rud a bh’ ann cho annasach, ’son... tha mi smaoineachadh gu robh beachd aig a h-uile duine nach robh am Partaidh Làbarach a’ dol a dh’fhaighinn air ais, bha sin seachad agus nan e na Tòraidhean a bha dol a dh’fhaighinn a-steach, bha fios againn gur i Mairead Thatcher a bha gu bhith os an cionn agus tha mi creidsinn ann an dòigh annasach air sgàth an àm a bh' ann cha b’ urrainn dhut gun a bhith faireachdainn rudeigin dòchasach mu dheidhinn sin ann am prionsabal, ged a bha a h-uile càil a bha tighinn na chois a’ dol an-aghaidh a h-uile càil – feumaidh mi ràdh air mo shon fhìn co-dhiù, chan eil mi cantainn sin mu dheidhinn, airson feadhainn eile, ach dh’fheumainn a ràdh nach b ’e sin am partaidh ris an robh mi a' cumail taic agus... ‘S e àm annasach a bh’ ann agus ‘s e an rud a bha cho neònach gu robh e soilleir gur e gnè ùr poilitigs a bha gu bhith romhainn.