Tar-sgrìobhadh: Ealain Srà ide Alba
Ailean Dòmhnallach agus Iseabail Mhoireach
’S ann ann an dà mhìle ’s a trì-deug a chaidh Leith Aquatic a pheantadh; a’ chiad dealbh-balla a chaidh a pheantadh ann an Lìte airson fichead bliadhna. Tha am bàta a tha ri fhaicinn stèidhichte air an SS Explorer, am bàta-smùid mu dheireadh a bha air a chlàradh ann an Lìte.
Ailean, bha thusa air do tharraing chun fhear seo – carson?
Ailean: Tha mi smaointinn ann an dòigh, tha tòrr dhe na h-ìomhaighean tha seo, tha iad gu mòr mar phàirt dhan sgìre. Chan eil e cho fad’ ann – uill, tha mi creidsinn... uill mu cheud bliadhn’ ann on a chaidh Lìte agus Dùn Èideann mar gum biodh, an ceangal còmhla – agus tha mi smaointinn gu bheil gu leòr ann an Lìte fhèin an dràsta fiù 's a tha a' faireachdainn gur e dà dhiofar baile a th’ ann. 'S mar sin, tha eachdraidh aig Lìte ’s dòcha nach eil daoine a’ faireachdainn a tha aig Dùn Èideann. Agus mar sin tha am pìos seo caran a’ toirt grunn dhe na pìosan tha sin còmhla. Tha suaicheantas aig Lìte – ‘s e “Persevere” an t-ainm a th’ air. Agus ‘s e bàta a th’ ann air a bheil... tha Moire Mhàthair Crìosd air, mar gum biodh, gu h-eachdraidheil agus ’s ann a tha stuaghan ann air a’ bhonn, ’s tha sgleò, tha mi smaointinn, os cionn a’ bhàta cuideachd.