Tar-sgrìobhadh: Seòl Dhòmhnaill
Dòmhnall: Ged a bha sinn ag obair air ’s a’ cumail a’ dol 's eadhon an dèidh dhomh mo dhreuchd a leigeil dhìom, bha mi a’ faireachdainn nach ruiginn taobh eile a’ ghnothaich gu sìorraidh. Bha e cho mòr sin, an obair. ’S cha mhòr – cha mhòr nach robh sinn air an taigh seo a leigeil seachad, nuair a thachair a’ mhìorbhail.
Annella: Dè a’ mhìorbhail a bha sin?
Dòmhnall: ‘S e a’ mhìorbhail a bh’ ann gun do thill aon den teaghlach againn fhìn don taigh seo. ‘S e sin an nighean as sine againn, Rhoda. Tha dà nighean againn; Anna a tha na dotair shìos mu dheas ann an Sasainn agus Rhoda a tha na h-eòlaiche air gnothaichean coimpiutaireachd. Nise, bha Rhoda ag obair air tìr mòr agus dh’fhàs i car sgìth de bhith ’g obair air tìr mòr. Nise, thuirt i riumsa, “tha mi airson tilleadh don t-seann-taigh. Thuirt mise rithe, “gu dearbha, faodaidh tu tilleadh don t-seann taigh tha sin – agus ma nì thu cola-deug dheth, nì thu gu math.” Thill i ann an dà mhìle ’s a trì deug – agus thòisich i air an taigh ùrachadh. Bha an taigh seo dìreach a’ dol a dh’olaidh le dampachd is taisealachd ’s a h-uile sian. Eadhon ged a bha sinn ag obair ga ùrachadh a h-uile samhradh. Chaidh Rhoda an sàs san taigh seo, taigh mòr, mòr. Thug i an seann phlèastar far na ballachan, thug i an seann fhiodh far na ballachan; faodaidh tu bhith ’g ràdh gun do dh’ath-thog i an taigh seo.