Tar-sgrìobhadh: Latha Mòr nan Còisearan
Lisa NicNèill
Lisa: Mus do rugadh Deirdre - bha na pàrantan aice uabhasach sean - agus thàinig fàidh a dh’ionnsaigh an cùirt a bha seo ann an Èirinn. Agus thuirt e gura b’ i am boireannach a bu bhòidhche a bhiodh riamh ann an Èirinn agus air a tàilleibh-se gum biodh cath uabhasach ann agus gum biodh an t-uabhas Èireannach a’ bàsachadh. Is nuair a chuala an Rìgh seo, thuirt e, “Tha mise a’ dol a phòsadh am boireannach àlainn,” - mus do rugadh i. Agus chaidh i gu coille is chaidh a togail ann an coille gus nach fhaiceadh duine idir i. Agus thog muime i, thug iad air falbh bho a pàrantan i. Agus dh’fhàs Deirdre mar a bha dùil gu bhith na boireannach àlainn eireachdail agus nuair a thàinig i gu aois, bha Rìgh na h-Èirinn a’ dol ga pòsadh. Co-dhiù, bha 'idea' eile aig Deirdre. Aon latha, bha i a’ coimhead a-mach air an uinneig is bha sneachda... tha seo caran coltach ri Snow White... chunnaic i fitheach is bha e ag ithe coineanach tha mi a’ smaoineachadh no rudeigin. Is chunnaic i fùil a’ dòrtadh air an t-sneachda agus cho dubh ’s a bha am fitheach is thuirt i rithe fhèin, “tha mise a’ dol a phòsadh fear air a bheil gruag cho dubh ris an fhitheach, craiceann cho geal ris an t-sneachda agus bilean cho dearg ris an fhuil,” a bha i a’ faicinn. Co-dhiù, thuit i ann an gaol le Naoise. Bha triùir bhràithrean ann, Naoise, Ardan agus Ainnle. Bha iad àlainn is bha iad làidir is bha iad fearail. Thuit i ann an trom ghaol le Naoise. Fhuair an rìgh a-mach mu dheidhinn seo is gu dearbh cha robh e idir, idir toilichte mu dheidhinn. Co-dhiù, theich Deirdre agus Naoise, chaidh iad a-null a dh’Alba. Agus tha an t-uamhas ainmean-àiteachan ann an Gleann Èite, tha eas Dheirdre ann, agus a-rèir coltais sgrìobh Deirdre rann no dhà a’ moladh Alba.