Tar-sgrìobhadh: Spòrs na Seachdain
Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein a’ bruidhinn ri Calum Dòmhnallach
Calum: Fàilte oirbh chun a’ phrògram. ’S e Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein an caraid a tha còmhla rium an-diugh. Madainn mhath Ruairidh Alasdair.
Ruairidh Alasdair: Madainn mhath a Chaluim, ciamar a tha thu an-diugh?
Calum: Tha gu math, a' cumail a’ dol an seo - tha mi creidsinn nach eil ach aon rud air prìomh air ar n-aire. Dè na cinn-naidheachd a th' againn an-diugh?
Ruairidh Alasdair: Seadh, uill naidheachd gu math duilich airson tòiseachadh tha eagal orm, is sin a-nis Anndra Moireach, is tha gu leòr air a bhith air a sgrìobhadh is air a ràdh mu dheidhinn mar-thà an t-seachdain sa, ach tha mi a’ smaointinn gun robh a h-uile duine ag aontachadh gun robh e doirbh, cianail fhèin doirbh, a bhith a’ coimhead air nuair a bha e a’ bruidhinn ris na meadhanan tron t-seachdain sa, 's ag aideachadh dìreach nach b’ urrainn dha cumail air mòran na b’ fhaide, airson ceithir no còig mìosan eile tha sinn an dòchas, ach ag aideachadh ma dh’fhaoidte nach urrainn dha cumail air an dèidh an Australian Open.
Tha e an dòchas cumail air gu Wimbledon ach tha na làithean a’ crìonadh a-nise do dh’Anndra Moireach gu mì-fhortanach is dh’fheumar a ràdh gu bheil e air a bhith cianail fhèin mì-fhortanach leis gu bheil e air a bhith a’ cluich aig an aon àm ri Federer, Djokovic, Nadal. Dh’fheumar a ràdh nam biodh e a’ cluich aig àm sam bith eile gum biodh e air gu math a bharrachd a bhuannachadh na tha e air buannachadh. Abair comharra a tha e air fhàgail co-dhiù is naidheachd gu math duilich a bha sin a nochd an t-seachdain sa.